Ceòl Luasganach Albannach


Seo ceist dhuibh: ma bheirear tarraing air “Ceòl na h-Alba”, dè an ìomhaigh a thig nur n-inntinn? Ceòl dannsa? Ceòl Ceilteach? No rud eile a tha san fhasan nar latha-ne?

Freagraidh mi fhìn i seo le ceist eile: nach gabh a ràdha gur rud iom-fhillte e ceòl Albannach? Le seo san inntinn, bidh mi a’ smaoineachadh air leithid Runrig no Del Amitri is mar sin air adhart… ach bu mhath leam còmhlan eile a chur fo ur còir, a chàirdein – còmhlan às Dùn Èideann, ach a bhios co-dhiù cuid den ùine a’ còmhnaidh ann am baile mòr Lunnainn.

Cò seo?

Tha, “The Mars Patrol.” Chaidh agam air ceist neo dhà a chur ri Davina Divine, seinneadair a’ chòmhlain, o chionn ghoirid.

Niall: Davina, tha sibh air a bhith ri ceòl o chionn deagh ghreis a-nis, uaireannan leis a’ chòmhlan gu lèir agus uaireannan eile air dòigh  nas simplidhe, mar a bha leis an òran “Tighinn Dhachaigh”. Dhutsa, dè th’ ann an ceòl Albannach?

Davina: Nuair a smaoinicheas mi mu cheòl Albannach tha dealbh nam inntinn de cheòl traidiseanta air a chluich air feadh ar dùthcha àlainn ann an seann taighean-seinnse a tha làn charactairean agus far am faigh luchd-ciùil meas is duais a rèir an ciùird.

Ach cuideachd smaoinichidh mi mu cho doirbh ’s a tha e do chòmhlain-ciùil ar latha-ne ann an cathraichean ’s iad air èiginn ticeadan a reic a rèir far an cluich iad, agus sin ann am margaid a tha cus ro làn de dhaoine a chì iad fhèin mar reultan mòra agus far am bithear a’ luchdachadh a-nuas ceòl a’ chòmhlain saor ‘s an asgaidh – suidheachadh far nach tèid aig neach sam bith air beòshlaint a dhèanamh.

N: ’S e “Human Condition” a’ chiad chlàr iomlan agaibh – bha feadhainn bheaga le is dòcha trì neo ceithir òrain orra agaibh gu ruige seo. Ciamar a tha a’ dol leis? Agus dè th’ agaibh san amharc?

D: Dar leinn gun tug sinn rud mòr a-mach le seo – chuidich ar luchd-leantainn sinn le bhith a’ gealltainn gun ceannaicheadh iad an clàr ro-làimh. Bidh dhà chlàr singilte againn – an toiseach, “Girl I Used To Know”, san Dàmhair. Cuideachd tha sinn a’ dèanamh bhideo air a shon – rud tarraingeach!

N: Mar a dhèanadh na bàird o chian! Guidheam gach soirbheachas le sin.

The Butterfly Rebellion
Niall Gordon
Ardvasar, Scotland

Advertisements

One thought on “Ceòl Luasganach Albannach

  1. Pingback: For Some Gaelic Reading | Scottish Gaelic

Comments are closed.